|
Nuair a bhios obair aig a’chomhairle ri dheanamh, nach tabhainn sibh cuideachadh. Faodaidh sibh clas TIP eagrachadh ’n ur dachaidh. Nach sgrìobh sibh litrichean chun na meadhanan agus chun an riaghaltais. Thoiribh airgiod seachad. Theid againn uile air cuideachadh ann a bhith gleidheadh agus a’cur air adhart na Gàidhlig.
A’toirt amach ballrachd (cliog airson tuilleadh fiosrachaidh)
Bidh ballrachd na Comhairle a’buileachadh oirbh na sochairean a th’air an ainmeachadh air duilleig na ballrachd; a bharrachd air an seo, bidh e na chuideachadh do’n Chomhairle ann a bhith foillseachadh do bhuidhnean maoineachaidh is eile cho fiachail agus cho cudthromach’s a tha ar saothair.
Thoiribh airgiod seachad (cliog airson tuilleadh fiosrachaidh)
Tha iomadh seòrsa tabhartais ann a thaobh airgid. Faodaidh e bhith mar aon tiodhlac a mhàin, no air a riaghladh uair’s a’mhìos, no faodaidh sibh smaoineachadh air roinn de dhìleab fhàgail aig a’Chomhairle.
Feumaidh tuigse bhith aig an t-sluagh chumanta agus aig an riaghaltas ionadail, roinneil agus feadarail air cho riatanach’s a tha a’Ghàidhlig air taic. Cuiridh sibh ri obair na Comhairle ma sgrìobhas sibh litrichean cuideachail is misneachail gu ceannardan an riaghaltais agus ma chuireas sibh an cèill ur beachdan ann an litir gu neach-deasachaidh. Ma’s aithne dhuibh mu thachartas Gàidhlig anns a’choimhearsnachd, thoiribh cuireadh do na meadhanan ionadail. Ma chluinneas iadsan gu bheil ùidh aig muinntir na sgìre ann, ma dh’fhaoidte gum bi barrachd fèill air. Mura bi guth air an tachartas ann an aithisg no agallamh, nach cuir sibh litir gu neach deasachaidh no nach fòn sibh an reidio ag innse cho math’s a chaidh a’chùis. Mar sin, is dòcha gum bi mothachadh an t-sluaigh a’dol am meud agus gun toir seo air na meadhanan tadhal an ath thuras.
|
 |
 |
An làmh a bheir 'si a gheibh, Mar a d'thugar do dhroch dhuin'e.
The hand that gives is the hand that will receive, Except when given to a bad man. |
 |
 |
|