Growing Gaelic in Nova Scotia Nova Scotia's Gaelic Culture Gaelic Youth in Action Gaelic Events Calendar Get Involved Current Projects About Comhairle Na Gaidilig
 
  Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidhe: Traidisean ann an Saoghal Nuadh Air a sgrìobhadh airson Mìos na Gàidhlig Le Seumas MacBhàtair

Tha luchd-tagraidh na Gàidhlig air a bhith bruidhinn air cor na cànain suas ri dà cheud bliadhna. A’cheist as trice chluinnear: am faigh a’Ghàidhlig bàs? Ge b’rith dè thachras, tha a Ghàidhlig fhathast beò an Albainn Nuaidh agus chaidh Mìos Mhàigh a chomharrachadh chum a buadhan a luadh.

Ma bheir duine sùil air eachdraidh na Gàidhlig an Albainn Nuaidh, tha e soilleir gun deach saothair is dìcheall a dheanamh chum’s gum maireadh a’chànain. Ma theid sinn air ais gu MacTalla, an iris Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh aig toiseach an linn seo, leughaidh sinn mu dheidhinn saoghal Gàidhealach a tha glè eadar-dhealaichte bho’n là’n diugh. B’ann aig an àm seo bu mhotha’n cunnart do’n Ghàidhlig, mar a chrìon an cleachdadh. Thòisich a luchd-dàimh ri spàirn airson a cumail beò mu’n àm seo.

Mar is minig a thachras, thig caochladh air beachdan ri ùine agus theid tuigse am meud. Tha e nis follaiseach gun tug a’Ghàidhlig an Albainn Nuaidh ceum cudthromach air an t-slighe chothromaich. Tha an nuadh-shaoghal anns a bheil sinn beò an diugh fo riaghladh an eòlais.Mar sin, tha Aois an Eòlais a’tairgsinn iomadh cothrom as ùr do’n Ghàidhlig agus do na Gàidheil.

Chan eil Gàidhealtach na h-Albann Nuaidhe a nis na h-aonar. A h-uile bliadhna, chithear àireamh luchd-turais a’dol am meud—iadsan a bhios a’sireadh blasad cultair an Albainn Nuaidh.

Bliadhnaichean air ais, bha curaidhean na Gàidhlig dìleas do dhualchas an sinnsir. Rinn iad saothair nach gabh meas. An diugh, tha a’mhòr chuid a’tuigsinn gum feum eaconomaidh a bhith fìllte ri cultar na Gàidhlig anns an t-saoghal nuadh, chum adhartas a chumail suas.

Tha Mìos na Gàidhlig a’deanamh luaidh air an dà chuid, sean is nuadh. Nach mol sinn iad uile agus nach glèidh sinn a’Ghàidhlig. Tha Seumas MacBhàtair os cionn Foghlam is Riochdachadh na Gàidhlig aig a’Chlachan Ghàidhealach.

Getting to know Gaelic
An làmh a bheir 'si a gheibh, Mar a d'thugar do dhroch dhuin'e.
The hand that gives is the hand that will receive, Except when given to a bad man.
Getting to know Gaelic
 
© The Gaelic Council of Nova Scotia - Comhairle na Gáidhlig | All Rights Reserved | Privacy Policy
The Gaelic Council of Nova Scotia, PO Box 123 Iona, NS, B2C 1N8
Comhairle na Gàidhlig, Bocsa a' phuist, 123 Rubha Eachainn, AN B2C 1N8