Growing Gaelic in Nova Scotia Nova Scotia's Gaelic Culture Gaelic Youth in Action Gaelic Events Calendar Get Involved Current Projects About Comhairle Na Gaidilig
 
  Ag ionnsachadh na Gàidhlig

Tha barrachd cothroim an dràsta air Gàidhlig ionnsachadh an Albainn Nuaidh na bha’nn riamh roimhe. Tha oilthighean is grunnan sgoiltean a’tairgsinn na cànain nan clàran-oideachaidh cumanta. Gheibhear cùrsaichean aig Colaisde na Gàidhlig cuideachd feadh an t-samhraidh. Tha Acadamaidh Ghàidhlig an Atlantaig, a chaidh a chur air bhonn bho chionn ghoirid, a’tabhann chlasaichean agus oideachas air-loidhne. Bho chionn beagan bhliadhnaichean, tha àireamh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anns an roinn air cinntinn gu h-ealamh.

Chan eil mòran teagamh nach eil seo mar thoradh air na programan TIP a chaidh a thoirt a-steach a dh’Albainn Nuaidh.Tha’m modh teagaisg seo, a chaidh a rianachadh an Albainn le Fionnlagh MacLeòid, stèidhicht’ air programan a bha fìor shoirbheachail an Hawaii agus ann an Zealand Nuadh. Seach gur e tumadh nan oileanach anns a’chànain as cudthromaiche, chan bhi leughadh no sgrìobhadh no gràmar air an teagasg gus am buannaich na h-oileanaich comas còmhraidh. Tha e follaiseach gu bheil am modh teagaisg seo a’còrdadh ri mòran oileanach.

Tha cùrsaichean TIP a-nis air an tairgsinn ann an sgìreachdan air feadh na roinne. An uiridh, chaidh FIOS a chur air bhonn—comann neo-eismeileach agus saor-thoileach a bhios a’toirt taic do na ceudan an Albainn Nuaidh a tha gu dìchiollach ag ionnsachadh Gàidhlig troimh leithid de chùrsaichean.

Getting to know Gaelic
An làmh a bheir 'si a gheibh, Mar a d'thugar do dhroch dhuin'e.
The hand that gives is the hand that will receive, Except when given to a bad man.
Getting to know Gaelic
 
© The Gaelic Council of Nova Scotia - Comhairle na Gáidhlig | All Rights Reserved | Privacy Policy
The Gaelic Council of Nova Scotia, PO Box 123 Iona, NS, B2C 1N8
Comhairle na Gàidhlig, Bocsa a' phuist, 123 Rubha Eachainn, AN B2C 1N8