Growing Gaelic in Nova Scotia Nova Scotia's Gaelic Culture Gaelic Youth in Action Gaelic Events Calendar Get Involved Current Projects About Comhairle Na Gaidilig
 
  A’Phìob Mhòr an Albainn Nuaidh
Le Barry Shears

Nuair a bheachdaicheas a’ chuid as mò de dhaoine an Albainn Nuaidh air a’phìob mhòir, ’s e còmhlan phìobairean a’chiad rud a thig gu’n inntinn—iadsan a chithear a’spaidsearachd aig fèisean is aig cleasan Gàidhealach feadh na bliadhna. Ged is ann anns an Èipheit a thàrmaich am feadan sìmplidh cuilce, b’ann air a’Ghàidhealtachd bho chionn 500 bliadhna a chinn a’phìob mhòr, an tè sin as cumanta agus as fhearr is aithne dhuinn. Gu dearbh, ma ghabhas tu beachd air eachdraidh fhada na pìoba, chan eil ann an còmhlain phìobairean is ceòl sgrìobhte ach rudan caran ùr. Ged a nochd na ciad còmhlain shìobhaltach an Albainn Nuaidh bho chionn còrr is ceud bliadhna, chan eil foir aig mòran gun robh dualchas pìobaireachd sam bith eile ann.

Bha ceòl fìor chudthromach do mhìltean air mhìltean de na Gàidheil a thuinich an Albainn Nuaidh eadar 1773 agus 1840. Bha sgeulachdan is òrain Ghàidhlig, ceòl na fìdhle is na pìoba uile deatamach ann an caitheamh beatha nan eilthireach sin.

Cha rachadh aig mòran de na pìobairean a thàinig as an t-Seann Dùthaich gu Albainn Nuaidh air ceòl a leughadh no sgrìobhadh. B’ann troimh’n chluais a dh’ionnsaich na pìobairean Gàidhealach an cuid ciùil agus mhair a’mhodh oilein seo fada steach anns an fhicheadamh linn. B’ann bho’n Ghàidhlig a thàinig pìobaireachd agus bha faclan Gàidhlig air mòran de na puirt. B’ann bho sheinn a’ chiùil, cò dhiubh b’ann le faclan Gàidhlig no mar sheòrsa de phort-a-beul ris an abrar “canntaireachd” a dh’ionnsaich am pìobaire traidiseanta a chuid fuinn. Is e a’mhodh teagaisg seo brod an t-seann nòis agus bhatar ga mheas fada air thoiseach air oidhirp a dheanadh neach ciùil air port ionnsachadh bho’n duilleig sgrìobhte. A chionns gun robh Ceap Breatainn air leth a thaobh cruinn’eòlais is cultair, mhair an t-seann nòs ionnsachaidh mòran na b’fhaide an seo agus ann an Taobh an Ear na h-Albann Nuaidhe na mhair e anns an t-Seann Dùthaich. Bhiodh na pìobairean a thàinig a nall a’seinn iomadh seòrsa ciùil a bhiodh sònraichte airson aon neach —an dà chuid ceòl mòr agus ceòl beag.

‘S e ceòl mòr a theirear ri ceòl clasaigeach na pìoba. Thàinig e am follais anns a’ Ghàidhealtachd uaireigin anns an t-siathamh linn deug. Feumar deagh chuimhne agus fìor chorrag dheiseil airson nam pìosan fada ciùil seo a tha cho coltach ris an Rondo Eadailtich.

‘S e ceòl beag as trice theirear ri ceòl dannsa—ri srath-spè, sioga agus rùidhle. Seo an seòrsa ceòl pìoba a b’fhearr leis na Gàidheil a thuinich an seo. Bha fèill air a’phìobaire airson ceòl-dannsa air meud a challain a-mhàin, gu h-àraid air a’bhlàr amuigh agus ann an talla. An Albainn Nuaidh, bhiodh pìobairean a’cluich do dhannsairean ceuma—do dh’aon neach no do ghrunnan. Anns gach Cogadh Mòr, ghabh mòran a bharrachd anns na còmhlain agus fhuair a’phìobaireachd shuidhichte, fharpaiseach lamh an uachdair air an t-seann nòs. Ghabh am meairds buaidh air rithim dannsaidh, chinnich meudachadh, chaidh an fhidheall a ròghnachadh agus, mean air mhean, chaidh a’phìob a chur air chùl mar ionnsramaid dhannsaidh ’s a’ chuideachd.

Mar sin, ghabh mòran de na pìobairean a chaidh oideachadh anns an t-seann nòs ri dualchas ionann ach air leth. Ghlèidh iad am modh pearsanta fhèin, na seann phuirt agus comas cluiche airson dannsairean ceuma. Cha robh an dòigh cluiche a freagairt air còmhlain-phìob no air farpaisean. Leis mar a bha i fillte ris an dannsa, bha a’phìob na meadhan foillsichidh airson cultar na Gàidhlig an Albainn Nuaidh.

‘S ann a Ceap Breatainn a tha’m pìobaire Barry Shears; ’s fhearr leis dualchas an dannsa, rinn e clàraidhean agus sgrìobh e grunn leabhraichean air pìobaireachd.

Getting to know Gaelic
An làmh a bheir 'si a gheibh, Mar a d'thugar do dhroch dhuin'e.
The hand that gives is the hand that will receive, Except when given to a bad man.
Getting to know Gaelic
 
© The Gaelic Council of Nova Scotia - Comhairle na Gáidhlig | All Rights Reserved | Privacy Policy
The Gaelic Council of Nova Scotia, PO Box 123 Iona, NS, B2C 1N8
Comhairle na Gàidhlig, Bocsa a' phuist, 123 Rubha Eachainn, AN B2C 1N8