Growing Gaelic in Nova Scotia Nova Scotia's Gaelic Culture Gaelic Youth in Action Gaelic Events Calendar Get Involved Current Projects About Comhairle Na Gaidilig
 
  Na Comataidhean

Tha sia fo-chomataidhean ag obair as leth gach ceann-crìche a th’aig Comhairle na Gàidhlig. Aig a’char as lugha, bidh aon bhall de’n bhòrd air gach comataidh, maille ri buill neo-cheangailte agus feadhainn eile nach eil idir nam buill ach a chuireas an sàs ealantas agus sgilean sònraichte mar a dh’fheumar. Ma tha ùidh agaibh ann an comataidh, fiach gun cuir sibh fios chun na neach-chathrach aig an t-seòladh dealain gu h-ìseal.

Leasachadh Cànain agus Foghlam ( Cuir fios gu…)
Tha trì nithean cudthromach fa-chomhair na comataidh seo: àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh anns an roinn: oidhirpean a cho-rianadh chum cànain agus cultar na Gàidhlig a ghleidheadh, a chumail beò agus a thoirt air adhart: leasachadh na Gàidhlig’s a cultar a shuidheachadh anns na sgoiltean agus anns a’choimhearsnachd, le taic an riaghaltais ionadail, roinneil agus feadarail. Anns an roinn seo, mar eiseamplair, gheibhear pròiseactan a bhios an sàs ann an rannsachadh as leth program chròileag no a bhios a’ cuideachadh le programan tumaidh.

Conaltradh agus Sanasachd (Cuir fios gu…)
Tha buill a’chomataidh seo ag obair chum conaltradh is sanasachd a chur am meud aig inbhe no dhà; ann an eòlas agus am beachd an t-sluaigh chumanta a thaobh na Gàidhlig ’s a cultar, ann an conaltradh ameasg nan Gàidheal fhèin agus ann a bhith leasachadh’s a gleidheadh dàimh eadar buidhnean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha a’chomataidh seo a’gabhail os làimh, mar eiseamplair, planaichean airson togail-airgid, leasachadh-ballrachd agus stuth a chruthachadh mar an làrach-lìn seo.

Leasachadh Poileasaidh (Cuir fios gu…)
Tha a’chomataidh seo a’gabhail asteach obair rannsachaidh agus innleachd a bhuineas do’n Ghàidhlig agus a cultar. Bidh na buill ag obair an luib iomadh roinn de’n riaghaltas agus de’n choimhearsnachd airson prògraman is prionnsabalan a chruthachadh a ghluaiseas a’ Ghàidhlig’s a cultar air adhart. Bidh iad cuideachd a’ strì a chum inbhe thearainte a chosnadh dhan Ghàidhlig troimh’n lagh an Albainn Nuaidh. Tha a’chomataidh seo a’gabhail os làimh, mar eiseamplair, àireamh stòrais anns an roinn a thaobh cànain is ealain na Gàidhlig.

Leasachadh Coimhearsnachd (Cuir fios gu…)
Tha a’chomataidh seo a’saothrachadh a chum bunaitean cultural is eaconomach a neartachadh anns na coimhearsnachdan Gàidhealach anns an roinn. Bidh dùil ri moit is fèin-earbsachd a leasachadh anns a’choimhearsnachd, gus an teid àrainneachd a chruthachadh far am fuirich daoine agus far am faigh iad cothrom cosnaidh.

Foillseachadh Cultair (Cuir fios gu…)
Tha ceann-crìche a’chomataidh seo an dà chuid sìmplidh agus fillte, a bhith misneachadh agus a toirt air adhart gach foillseachadh cultair. Mar eiseamplair, bidh a’chomataidh seo ag obair maille ri coimhearsnachdan a chum barrachd fhèisean a chur air bhonn.

Riaghladh (Cuir fios gu…)
Feumaidh gach comann an cuid gnìomhachd fhèin a riaghladh. An urra ris a’chomataidh seo tha plana riaghlaidh Comhairle na Gàidhlig, a stèidh charthanta agus dòighean a dheilbh a chumas sùil agus a bheir beachd air a’Chomhairle agus a cuid prògraman.

Getting to know Gaelic
An làmh a bheir 'si a gheibh, Mar a d'thugar do dhroch dhuin'e.
The hand that gives is the hand that will receive, Except when given to a bad man.
Getting to know Gaelic
 
© The Gaelic Council of Nova Scotia - Comhairle na Gáidhlig | All Rights Reserved | Privacy Policy
The Gaelic Council of Nova Scotia, PO Box 123 Iona, NS, B2C 1N8
Comhairle na Gàidhlig, Bocsa a' phuist, 123 Rubha Eachainn, AN B2C 1N8