top of page

Dannsa Gàidhlig

Dlùth ris an làr

Le Hàrbhaidh Peutan

 

Dannsa Ceum Cheap Breatainn Cò dhiubh bhios aon neach a’dannsa air àrd-ùrlar aig cèilidh no bhios buidheann ann an talla-baile a’seatadh gu h-eòlach’s an dannsa-chearnach, tha dannsa ceum na mhodh ealantais nas sine na ar sinnsirean Gàidhealach a thug an dualchas leotha dhan dùthaich ùir anns an ochdamh linn deug. Ged a thàinig beagan atharrachaidh air an dannsa, mhair e, agus tha meas air fhathast ann an Ceap Breatainn agus gu dearbh ann an iomadh cearn de thìr-mòr na h-Albann Nuaidhe.

 

Mar is trice, ionnsaichear an danns’ anns an dachaidh agus tha cuid de theaghlaichean ainmeil a chionns gum faighear grunn ghinealaich de shàr-dhannsairean annta. Am Màbu an Iar-Dheas, tha an teaghlach aig Magaidh Anna Pheutan nach maireann air fear dhiubh sin. Dh’ionnsaich Magaidh Anna bho h-athair, Dòmhnall Camshron, dh’ionnsaich a nighean Mionaidh bhuaipe-se, agus, mar an ceudna, dhíonnsaich Mionaidh an dannsa do a nighinn fhèin, Natalaidh Nic a’Mhaighstir.

 

Ach tha cunntais air ‘maighistearan dannsaidh’ a thàinig as an t-Seann Dùthaich agus a thug an ealain do’n sliochd fhèin agus do chuid eile a bhiodh a’teagasg dannsa ceum ann an iomadh cearn de Cheap Breatainn cho fad air ais ri 1790. Gu dearbh, ann an “ Cèilidh Cheap Breatainn”, an leabhar aig Alasdair MacIlle Bhràth, tha Magaidh Anna Pheutan ag innse gun deach a h-athair fhèin gu sgoil-dhanns’ann am Màbu.

 

‘S an là againn fhìn, theann clasaichean dannsaidh ri nochdadh ann an iomadh sgìre an Ceap Breatainn agus ann an Ear-Thuath na h-Albann Nuaidhe. Feadh 1970, mar eiseamplair, bha dannsairean ainmeil mar Mairead Dunn, Mionaidh Nic a’Mhaighstir agus Mgr. Eòghainn Morris a’cumail chlasaichean. Bidh barrachd fèill air clasaichean dannsaidh mar a theannas cuid ri ùidh a ghabhail nam freumhaichean an Albainn agus mar a ghabhas cuid eile ris gach nì Ceilteach anns an roinn eadar-nàiseanta. Ann am baile Halafags, mar eiseamplair, gheibhear cò dhiubh leth dusan clas dannsaidh feadh na bliadhna. Ged a tha ceumannan ann a bhios aig gach dannsair agus cuid eile nach bi ach aig aon neach, tha stoidhle fa-leth ac’uile.

 

Aig cèilidh,’s e corra dhannsair a leanas cuairt stèidhichte, agus iadsan a nì, mar is trice,’s ann a’cumail an cò-thìm ri neach no dhà eile bhios iad. Seach gu bheil a’mhòr chuid de dhannsa cho pearsanta, cha bhi uidhir de riaghladh air dannsairean, agus glè thric, bidh iad a’toirt cead a’ chiùil dha’n ceumannan. Ach,’s a chumantas, bidh dùil gum bi dannsairean ann am modh dannsa Cheap Breatainn a’cumail an làmhan gu furasda ri’n cliathaich agus nach bi iad a’toirt amach cus rèidhlich air an ùrlar. Seach gu bheil an Sàmhradh a teannadh oirnn, chan fhada gum bi fèilltean nan deann air a bhlàr amuigh an Ceap Breatainn agus bidh na dannsan cearnach a’fàs na’s pailte.

 

Mar a chluinnear seirm nam port aighearrach Srath-spè, nan cruinn phort agus nan rùidhlichean ann an talla gach baile agus air gach àrd-ùrlar, nach eil fios is cinnt gun gabhar tlachd ann an ceumannan nan dannsair—iadsan a tha dearbhadh am meas air an cuid dualchais le brag fharamach nan cas.

 

Chaidh Hàrbhaidh Peutan a thogail ann an Còbh a’Phlastair agus theann e ri dannsa nuair a bha e ceithir-deug. Tha fèill mhòr air mar oide-foghlaim air feadh Chanada, nan Stàitean Aonaichte agus anns an Roinn Eòrpa.

bottom of page