Òran Gàidhlig
Riaghladh fada air an Òran
Le Oighrig Nic Raing
Tha sean-fhacal againn anns a’Ghàidhlig: “Riaghladh goirid air an òr ach riaghladh fada air an òran.” Cha bhiodh mòran riaghlaidh air òr ameasg nan Gàidheal a thàinig a nall a dh’Albainn Nuaidh an toiseach, oir tha fios is cinnt nach robh mòran de dh’ionmhas an t-saoghail aca. Suas ri deich thar fhichead bliadhna an dèidh Chuil-lodair, agus an Dotair MacIain a’bruidhinn air suidheachadh cuid de na Gàidheil, bha e biorach mar bu dual—“Chan eil air fhàgail aca ach an cànain agus am bochdainn.” Ged a tha e fìor nach tug na h-eilthirich Ghàidhealach leotha nall mòran de shaibhreas an t-saoghail, cha bheag an dìleab an cànain, gu h-àraid nuair a ghabhar beachd air an luach litreachais a chuir na ciad bhàird ri chèile anns an dùthaich ùir.
Gu cinnteach, se cruaidh-chàs is àmhghair a bha an dàn do dh’iomadh bàrd anns an naoidheamh linn deug. Nuair a thuinich Iain MacGill-Eain ann an sgìre Phictou ann an 1819, rinn e an t-òran ainmeil “A’Choille Ghruamach”; an teis-meadhoin dòrainn, tha am bard a’toirt dhuinn pailteas dhealbh air fulangas nan tùsairean troimh chaochladh ràithean na bliadhna. Chaidh an t-òran seo gu h-ealamh a null thar chuain gu chàirdean’s a luchd-dàimh, ach tha e annasach, ged a rinn iad guidhe ris tilleadh dhachaidh, ròghnaich Iain MacGill-Eain fuireach an Canada far an do shoirbhich leis aig a cheann thall. Bha an dearbh bheachd aig Iain Sealgair a thainig gu Màbu ann an 1834 agus air an robh fìor aithreachas gun do ghluais e gu bhith “fo chìs an tìr an t-sneachda,” mar a their e ann an “Òran America.”
Ach cha deach gearain an t-Sealgair ma sgaoil gun fhreagairt; thug mac piuthar a mhàthar, Ailean Dòmhnallach ‘An Ridse’ dùbhlan dha ann am “Moladh Albainn Nuaidh.” Fhreagair esan e, a’tilgeil air nach robh’n fhìrinn aige agus a’cur suas na h-Albann Nuaidhe mar dhùthaich saorsainn, ionmhais agus còir air fearann, ao-coltach ri “Albainn fhuar nan tighearnan” air an robh e fhèin eòlach na òige. Tha Mìcheal Mòr Dòmhnallach mar an ceudna a’deanamh dealbh thlachdmhor air an dùthaich ùir ann am “Baile na Tràghad”; nuair a dh’fhàg esan Eilean a’Phrionnsa agus a thainig e gu Siudaig an Ceap Breatainn ann an 1775, bha e’n làn-dùil ri saibhreas—talamh torrach, aibhnichean a’cur fairis le bric lainnireach agus smùid chùbhraidh ag èiridh bho na bothain shiùcair ameasg lànachd na coille.
Lean iad orra air mòran bàrdachd a chur amach an Albainn Nuaidh, ge b’e àit anns an do mhair a’Ghàidhlig beò. Chaidh na h-òrain mar bu trice a sgaoileadh o bheul gu beul ged a bha grunnan de luchd-trusaidh is deasachaidh a’deanamh cinnteach gum biodh clò-bhualadh ann. Bha ogha de’n bhàrd MacGill-Eain, an t-Urramach Alasdair MacGill-Eain Mac na Ceardaich air an ceann. Chuir esan ri chèile leabhraichean air eachdraidh nam fineachan, air sloinneadh agus air iomadh cruinneachadh de bhàrdachd. Chruinnich Bhinseant MacIlleòlain saothair iomadh bàrd a Siorramachd Inbhir Nis, Ceap Breatainn ann am ‘Fàilte Cheap Breatuinn’ an 1891 agus thòisich Eòin MacFhionghuin air MacTalla a chlò-bhualadh ann an 1892—obair a mhair suas ri dusan bliadhna, a dh’aindeòin iomadh duilgheadas is cion airgid.
‘S e saothair dhìleas nan sgoileirean bho thùs a rinn cinnteach gu bheil lorg an diugh air iomadh òran nach robh riamh roimhe an clò air feadh na h-Albann Nuaidhe—abair riaghladh gasda air na h-òrain.
Thàinig Oighrig NicRaing a Uibhist-a-Tuath agus tha i an diugh a’fuireach ann am Màbu. Bidh i teagasg Gàidhlig agus dh’fhoillsich i “As a’Bhràighe; Òrain Ghàidhlig le Ailean Dòmhnallach an Rids’ (1794-1868)