An Dùil
Tha Comhairle na Gàidhlig an dùil a bhith na meadhan air àrainneachd a chruthachadh far an soirbhich le cànain, le cultar agus le coimhearsnachdan.
Mar sin, bidh a’Chomhairle a’deanamh saothair a thaobh adhartais anns na roinnean a leanas:
• Gum bi brìgh, buinteanas agus luach na Gàidhlig agus a cultar follaiseach do’n t-sluagh an Albainn Nuaidh.
• Gum bi fiosrachadh cothromach ri fhaotainn mu thimchioll na Gàidhlig’s a cultar. Gum bi eòlas agus tuigs’ aig muinntir Albainn Nuaidh air a’Ghàidhlig agus air a cultar.
• Gum bi buaidh air buan-leasachadh ionadail is roinneil. Gum bi luchd-pàirteachaidh riaraichte le prògraman agus seirbhisean.
• Gum bi luchd stiùiridh is oibreach gasda nan giùlan agus nam beachd.
• Gum bi ceanglaichean is compàirteachas eadar a’ Chomhairle agus dhaoine, chomainn ionadail, roinnean riaghaltais, luchd-urrais is tabhairt, ionadan foghlaim is eile.
• Gum bi teachd-asteach agus cosgaisean airgid an deagh staid.
Obair
Tha Comhairle Gàidhlig na h-Albann Nuaidhe a’ stiùireadh na slighe ann an àrainneachd shoirbheachail a thaobh cànan, cultar agus coimhearsnachd. Cruthaichidh sinn leasachadh seasmhach airson coimhearsnachdan Gàidhlig, a chuireas ri beairteas na mòr-roinne. Feuchaidh sinn ri oideachadh mu cho cudromach sa tha cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig, ag àrdachadh eòlas agus luach a ’phobaill bhon traidisean bheairteach seo. Bidh sinn a ’cruthachadh ceanglaichean le daoine, buidhnean, ionadan foghlaim agus riaghaltasan gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Obraichidh sinn gus ruigsinneachd do chothroman cànain Gàidhlig a mheudachadh anns a ’mhòr-roinn tro bhogadh, preantasachdan òigridh, iomairtean dràma agus gnìomhan eile.