top of page

A’Ghàidhlig agus a Cultar an Albainn Nuaidh

A’Ghàidhlig agus a Cultar an Albainn Nuaidh

Le Shamus Y. MacDonald

 

Aig aon àm, chluinnte Gàidhlig anns na dachaidhean ann an sgìreachdan air feadh cuid mhòir de Chanada. Gu dearbh, nach robh Eilean a’Phrionnsa, Talamh an Eisg, Cuibeig, Ontario agus Manitoba uile uaireigin comharraicte a thaobh àireamh an cuid Ghàidheal. Ach,’s iomadh rud a dh’abhraich gum b’ann an Albainn Nuaidh a-mhàin a chaidh aig cànain is cultar na Gàidhealtachd air daingneachadh, air cinneadh fad bhliadhnaichean agus air maireachdainn gu ruige na h-aona linne fichead. An diugh, chan eil sgìre eile taobh a-muigh na h-Alba far a bheil a’Ghàidhlig agus a cuid cultar beò gu cumanta am beatha an t-sluaigh.

 

Tha gach seadh de chultar na Gàidhlig stèidhichte anns a’chànain, ceòl is dannsa mar an ceudna. Fad cheudan bliadhna, chaidh an dàimh seo a’ghlèidheadh aig cèilidhean eadar chàirdean, choimhearsnaich is chinnidhean. Gach feasgar, agus gu h-àraid feadh nan oidhcheannan fada, dorcha, geamhraidh, rachadh iad air chèilidh nam measg fhèin; rachadh sgeulachdan innse agus òrain agus fìdhlean a sheinn.’S an dòigh seo, chaidh dualchas na Gàidhlig a neartachadh agus a shìneadh bho ghlùin gu glùin an Albainn Nuaidh.

 

Riamh bho dheireadh na h-ochdamh linn deug, tha Gàidhealtachd air a bhith ann an Albainn Nuaidh. Bho chionn ceud bliadhna, chuir mìltean air mhìltean an Albainn Nuaidh an cèill gum b’e Ghàidhlig an cainnt mhàtharail; ann an ceann a tuath na roinne, bha seo a’riochdachadh da fhichead neach’s a’ cheud de’n t-sluagh. Ged a thàinig ìsleachadh gàbhaidh air a’Ghàidhealtachd an seo bho’n uair sin, tha àireamh luchd-ionnsachaidh a’dol am meud gu h-ealamh agus bho chionn ghoirid, thug iarrtas an t-sluaigh brosnachadh do ghrunn iomairtean a chum leasachadh cànain; nam measg, chaidh Oifis Iomairtean na Gàidhlig a stèidheachadh an taobh a-staigh an Riaghaltais.

 

Troimh na lìnntean, chaidh cànain is cultar na Gàidhealtachd a ghlèidheadh agus a ghabhail os làimh an Albainn Nuaidh. Tha dualchas shaoibhir a’chultair’s a’chànain gar comharrachadh agus a’meudachadh breacan chultaral Chanada. An diugh, tha a’Ghàidhealtachd an Albainn Nuaidh a’leantainn air an dualchas sin a ghleidheadh agus a roinn air an t-saoghal.

Cultar a'Ghàidhlig

bottom of page